Two Poems

For the English translations, please click here.




An Daolag Shonach


Ann an ceàrn àraidh de Shìona,
san iar-dheas, chan fhada bho bheanntan Iunnàn,
tha seœrsa ùbhlan rim faighinn
a tha cho anabarrach taitneach
's gum biodh na h-ìompairean o shean a' cosg
an œir rin ceannach, is gan tairgse
aig fèisdean 's cuirmeannan san àros mhœr.
Ach cha robh dìreach blas nan ubhal aca.
Leugh mi gu robh daolag coireach ri sin,
nach fhaighear ach air craobhan na ceàirn ud,
's a dh'fhàgas a h-uighean airson tràth a' chinntinn
an cridhe nan ubhal. Chan fhan iad fada ann,
ach thèid cùbhraidheachd iongantach
a sgaoileadh feadh gach meas. An dèidh don chnuimh
a sgiathan a shìneadh a-mach is teicheadh,
chan fhàgar lorg de fantainn ann ach sgleœ
œmarach an lì an ubhail, 's boladh
mìorbhaileach a dh'fhairtlich e
air sgoilearan is gàirnealairean
na cùirt gu lèir a mhìneachadh.


'S e sin a nì mi leis a' chànain seo.


Miann


Bu chaomh leam dealbhan a dhèanamh
an àite dhàintean.


Mar sin
bhitheadh sgialachd aig gach fear dhiubh
air malairtean is mèirlean
air seœmraichean san deach a chrochadh
air boirionnaich no dlùth-chàirdean
a thugadh e dhaibh mar ghibht.


Dh'fheumte urras fhaighinn orra
am pasgadh gu cùramach is an giùlan
air làraidhean is trèanaichean, is dh'fhaodadh
cuideigin an leasachadh ceud bliadhna air thoiseach
oir bhitheadh a dhœigh fhèin aig gach dath
air atharrachadh is lobhadh
dìreach mar a bhitheas
na lusan is na dèideagan
ag atharrachadh blas is aogas
pollag an aonaich bho linn gu linn.


Rachadh an call is am bristeadh
bhitheadh iomagain ann air sgàineadh a' chanabhais
dhiùltadh duine rag an reic
agus bhitheadh luchd-teœma a' sireadh gun èifeachd
an fhir a bu phrìseile
is e gun fhios
a' crochadh an dachaigh thosdaich, bhlàith
is dhuirch, is boirionnach gach feasgar
a' dùnadh nan cùirtean, is i na suidhe
ro fhada ro theine beœthail
le leabhar na làmhan.


Cha bhiodh aca
ath-aithriseachd sgìtheil clœ-bhualaidh.
Cha rachadh an cruinneachadh
ach an neo-bunailteachd nan taisbeanadh
is iadsan a' taomadh
bho sheœmar gu seœmar, coimeasgte
le dealbhan ùghdairean eile.
Bhitheadh an luchd-thadhail a' tighinn is a' tilleadh
is a' teicheadh don chafaidh airson leth-uair de thìde.


Agus an dèidh dùnadh an taigh-tasgaidh
ann an dubharachd nan seœmraichean ath-fhuaimhneach
bhitheadh aca an cœmhradh dìomhair
a tha aig buill teaghlaich sgaraichte
nach tèid an tionail ach gu tearc
aig tœrraidhean is baistidhean is bainnsean.